Fàilte Chrideil do Chidhe Loch Baghasdail

Tha Loch Baghasdail air taobh an ear-dheas de dh’Uibhist a Deas agus ‘s e port air leth freagarrach a th’ ann ma tha sibh a’ tighinn dha na h-eileanan, a dh’obair no dìreach air chuairt nur bàta fhèin, tha na goireasan a tha a dhìth oirbh againn.

lamraig le fasgadh , dealan ‘s uisge

uidheam a thogas bàta suas gi fichead tunna

taighean-beaga ‘s fras’

uidheam airson taic a thoirt de chuideigin le ciorram

52 àitichean do bhàtaichean suas gu 18m

cidhe 80m a dh’fhaid

sliop 20m

goireasan airson aodach a nighe

WIFI an-asgaidh

Tancaichean deisel

Mas ann a’ coiseachd a tha sibh, tha iomadh cas-cheum tlachdmhor mu thimicheall a’ bhaile, agus a-mach bhon t-seann chidhe gu Eilean Ghàsaigh  far an deach  an cidhe ùr a thogail. Tha beagan bhùthan  ann cuideachd.

Thogadh an cidhe ùr ann an 2015 ‘s tha e na phàirt de Stòras Uibhist, oighreachd coimhearnsnachd ‘s na companaidhean a tha fo sgiath, ‘s a tha a’ cur prothaidean sam bith air ais dhan choimhearsnachd .