Eachdraidh Loch Baghasdail

‘S ann mar phort a tha Loch Baghasdail ainmeil an-diugh agus airson a’ chidhe-aiseig aig Cal-Mac a tha san t-seann chidhe.

Ach tha eachdraidh inntinneach aig Loch Baghasdail, cuid dheth gu math brònach ‘s cruaidh. Air 15mh dhen Lùnastail 1851, thugadh grunn eileanaich a Chanada an aghaidh an toil an dèidh an gairm gu coinneamh phoblach. Tha e coltach gun tugadh suas gu 3,000 air falbh. ‘S e an t-uachdran an Coineal Iain Gòrdain à Cluainidh a dh’iarr a’ bhruidealachd seo o chionn ‘s nach robh e a’ dèanamh prothaid air an oighreachd mar a bha e an dùil.

Ach thog an dorchadas bho Loch Baghasdail mar a chaidh  an ùine seachad  agus aig deireadh an naoidheamh linn deug bha e mar phort chudromach airson obair an sgadain, agus mar thoradh air seo, thogadh cidhe-aiseig ann an 1880. Bha na bàtaichean a’ frithealadh iomadach slighe, ach bha iad cudromach ann a bhith a’ ceangal Uibhist a Tuath ‘s Uibhist a Deas nuair nach robh e furasta a bhith a’ siubhal eadorra ann an dòigh eile.

Cuideachd, aig an àm seo, thogadh Taigh-Òsta Loch Baghasdail le iarrtas bhon Bhan-Tighearna Gordain Cathcart a ghabh sealbh air an oighreachd nuair a chaochail an Gòrdanach Chluainidh . Bha i ag iarraidh gum biodh taigh-òsta iagaich ann . Tha an taigh-òsta ann fhathast ‘s gu h-iongantach tha a’ chiad leabhar a bh’ ann a’ clàradh  aoighean ‘s an t-iasg a ghlac iad, ri fhaicinn fhathast.

Lochboisdale Harbour
Privacy Overview

This website uses cookies so that we can provide you with the best user experience possible. Cookie information is stored in your browser and performs functions such as recognising you when you return to our website and helping our team to understand which sections of the website you find most interesting and useful.