
Eachdraidh Loch Baghasdail
‘S ann mar phort a tha Loch Baghasdail ainmeil an-diugh agus airson a’ chidhe-aiseig aig Cal-Mac a tha san t-seann chidhe.
Ach tha eachdraidh inntinneach aig Loch Baghasdail, cuid dheth gu math brònach ‘s cruaidh. Air 15mh dhen Lùnastail 1851, thugadh grunn eileanaich a Chanada an aghaidh an toil an dèidh an gairm gu coinneamh phoblach. Tha e coltach gun tugadh suas gu 3,000 air falbh. ‘S e an t-uachdran an Coineal Iain Gòrdain à Cluainidh a dh’iarr a’ bhruidealachd seo o chionn ‘s nach robh e a’ dèanamh prothaid air an oighreachd mar a bha e an dùil.
Ach thog an dorchadas bho Loch Baghasdail mar a chaidh an ùine seachad agus aig deireadh an naoidheamh linn deug bha e mar phort chudromach airson obair an sgadain, agus mar thoradh air seo, thogadh cidhe-aiseig ann an 1880. Bha na bàtaichean a’ frithealadh iomadach slighe, ach bha iad cudromach ann a bhith a’ ceangal Uibhist a Tuath ‘s Uibhist a Deas nuair nach robh e furasta a bhith a’ siubhal eadorra ann an dòigh eile.
Cuideachd, aig an àm seo, thogadh Taigh-Òsta Loch Baghasdail le iarrtas bhon Bhan-Tighearna Gordain Cathcart a ghabh sealbh air an oighreachd nuair a chaochail an Gòrdanach Chluainidh . Bha i ag iarraidh gum biodh taigh-òsta iagaich ann . Tha an taigh-òsta ann fhathast ‘s gu h-iongantach tha a’ chiad leabhar a bh’ ann a’ clàradh aoighean ‘s an t-iasg a ghlac iad, ri fhaicinn fhathast.