A’ Cleachdadh a’ Chidhe

‘S e àite air leth math a th’ ann an Cidhhe Loch Baghasdail mas e turas spòrsail dha na h-eileanan a tha a dhìth oirbh. Tha deagh fhasgadh air an taobh an ear  ‘s mar sin, gu math freagarrach ma tha sibh ag iarraidh turas a ghabhail air ur socair ‘s a’ coimhead air fiadh-bheatha sa Chuan Sgìth. Tha an taobh an iar nas fhosgailte ‘s nas fhiadhaiche ‘s faodar a dhol a-mach cho fada ri Hiort, aig a bheil cliù air feadh an t-saoghail.

Tha Loch Baghasdail sa cheann a deas de na h-Eileanan a-Muigh ‘s tha buaidh aig Sruth a’ Chuan Siar a Tuath air an t-sìde , chan fhàs i ro fhuar  sa bhitheantas,  agus tha seo fàbharach nam biodh sibh ag iarraidh ur bàta a chumail an-seo fad a’ Gheamhraidh. Tha fasgadh ann bho na cnuic air taobh an ear an eilein cuideachd.

Lochboisdale Harbour
Privacy Overview

This website uses cookies so that we can provide you with the best user experience possible. Cookie information is stored in your browser and performs functions such as recognising you when you return to our website and helping our team to understand which sections of the website you find most interesting and useful.